Spòrs
Cothrom air Ionadan Spòrs
Tha aonta aig High Life na Gàidhealtachd agus UHI ballrachd ionadan chur-seachadan a thoirt air prìs lasaichte do dh’oileanaich agus luchd-obrach an oilthigh. Is iad sin:
- 30% far ballrachd oileanaich
- 10% far ballrachd teaghlaich do dh’oileanaich
- 10% far ballrachd duine fa leth agus teaghlaich do luchd-obrach
Lorgaibh an t-ionad chur-seachadan as fhaisge oirbh
Tha an com-pàirteachas againn le High Life na Gàidhealtachd (HLG) a-nis a’ tabhann lasachaidhean cuideachd aig mòran ghnothachasan, bhùitean is àiteachan tarraingeach. Tha lasachaidhean ri am faighinn leis a’ chairt HLG pàighte (fiosrachadh gu h-àrd), agus an tionndadh an asgaidh den chairt a ghabhas uisneachadh ann an leabharlannan HLG. Iarraibh fiosrachadh mu na lasachaidhean sin
Tha cothrom aig oileanaich ann an Colaiste Pheairt UHI air goireasan air leth aig an Acadamaidh Spòrs is Sunnd, a tha a’ tabhann lasachaidhean air ballrachd, clasaichean lùthmhoireachd agus trèanadh pearsanta do gach oileanach a tha clàraichte le UHI Peairt.
Gheibh oileanaich ann an UHI Inbhir Nis agus UHI Moireibh lasachadh cuideachd air na goireasan lùth-chleas aig na h-àrainnean aca. Cuiribh fios chun an sgioba HISA ionadail agaibh airson tuilleadh fiosrachaidh.
Gabhaibh pàirt - Clubaichean HISA agus Cothroman Spòrs
Tha caochladh chlubaichean is chomainn aig comann nan oileanach, HISA, a dh’fhaodas sibh dol nur ball dhiubh. Am measg nan clubaichean spòrs a tha ri am faighinn tha:
Tha grunn chlubaichean aig HISA a ghabhas a-steach gnìomhachdan bho Sheòladh gu Spòrsachan Sneachda. Lorgaibh liosta slàn de na clubaichean a th’ ann an-dràsta, agus mar a stèidhicheas sibh am fear agaibh fhèin air làrach-lìn HISA.